Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taghadh na seachdain le Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Tha Shona NicGillFhialain bho Chomann Rìoghail Dìon nan Eun còmhla rinn gach Diluain eadar seo agus a' Nollaig, a' toirt sùil air eunlaith a' gheamhraidh. An t-seachdain sa chuala sinn mu gheòidh-bhlàr, geòidh air a bheil broilleach gheal.

Bha sinn a' cuimhneachadh 1973, a' bhliadhna a thàinig an t-òran ainmeil, Merry Xmas Everybody, aig Slade a-mach an toiseach.

Chaochail a' Bhana-bharan Glenys Kinnock, bean Nèill Kinnock, a bha roimhe na cheannard air a' phartaidh Labarach, air an deireadh sheachdain. Thug Anna NicLeòid a' dhuinn eachdraidh-beatha Glenys a bha i fhèin na Ministear Stàite airson na Roinn Eòrpa agus na Ministear Stàite airson Afraga agus Na Dùthchannan Aonaichte.

B' e Coinneach Iain MacIllFhinnein cèiliche na seachdain. 'S ann à Calanais ann an Leòdhas a tha Coinneach ach thàinig na daoine aige à Ùig. Bha e ag obair fad bhliadhnaichean aig Comhairle nan Eilean Siar na einnseanair agus thug e greiseag an dèidh sin an sàs ann an obair a' chlò mhòir. Tha e na Iar Mhorair-ionaid a' Chrùin, agus ann an 2007, choisinn e urram MBE.

57 minutes

Last on

Sun 10 Dec 2023 12:00

Broadcast

  • Sun 10 Dec 2023 12:00