
Saoghal Catrìona Iain Òig
'S e còmhradh eadar Fionnlagh MacLeòid agus Catrìona NicIlleMhoire a thagh Calum MacFhionghain. Calum MacKinnon chooses a programme to mark Gaelic broadcasting's centenary.
Tha 100 bliadhna ann air a' mhìos sa bho chaidh a' Ghà idhlig a chraoladh air a' BhBC airson a' chiad uair. Agus gus sin a chomharrachadh, tha craoladairean ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal a' là an-diugh a' dèanamh taghadh de phrògraman a bha cho là idir 's gun tug iad orra stad 's èisteachd gu dlùth gu deireadh a' phrògraim.
'S ann a' là imhseachadh agus a' stiùireadh tasglann Radio nan Gà idheal as à bhaist do Chalum MacFhiongain a bhith - agus mar sin tha e gu math eòlach air na stòrasan iongantach a tha rin lorg ann. Ach 's e prògram le ceangal pearsanta a thagh e. Chaidh Saoghal Catrìona Iain Òig a chlà radh ann an 2006, sreath phrògraman far an robh an Dr Fionnlagh MacLeòid nach maireann a' còmhradh ri Catrìona NicIlleMhoire mu na chuala i bho a seanmhair, Catrìona Iain Òig, Catrìona NicLeoid.
Anns a' phrògram sa - an treas fear san t-sreath Saoghal Catrìona Iain Òig - tha an còmhradh a' gluasad eadar à irneis taighe a seanmhair, agus mar a bhathas a' dèiligeadh ri call sa chogadh. Còmhradh pearsanta, ann an Gà idhlig air leth glan agus cà ileir, còmhradh a dh' fhan an cuimhne Chaluim air na h-adhbharan sin, agus gu bheil a phiuthair pòsta aig gille Chatrìona NicIlleMhoire cuideachd.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 18 Dec 2023 15:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 20 Dec 2023 20:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Christmas Eve 2023 10:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal