
Còmhla ris an Urr Coinneach Fearghasdan
Seirbheis còmhla ris an Urr Coinneach Fearghasdan a bha na mhinistear air Eaglais Shaor Chrois. Gaelic service with Rev Kenneth Ferguson retired minister Cross Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 48: 1-2 air fonn St David agus ‘s e Murchadh C MacFhionghain a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrosboist.
Salm 118: 15-16 air fonn Coleshill agus ‘s e Alasdair Greumach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh
Salm 103: 1-2 air fonn Dundee agus ‘s e Alasdair MacNeacail a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Leughadh: Salm 113
Ceann-teagaisg: Salm 113: 5-8
Rugadh an t-Urr Coinneach Fearghasdan air a' Bhac ann an Leòdhas ann an 1946. Chaidh e a sgoil a' Bhac agus gu Colaiste a' Chaisteil ann an Leòdhas far an robh ùidh mhòr aige ann a bhith ag obair le aodach. Lean e air adhart le obair rannsachaidh air a' chuspair sin ann an Colaiste Theicnigeach ann an Dewsbury. Thill e air ais a Leòdhas ann an 1965 far an do chuir e seachad sia bliadhn' deug ag obair ann an gnìomhachas a' chlò mhòir.
Thà inig atharrachadh ann am beatha Mhgr Fearghasdan ann an 1970. Bha ùidh mhòr aige anns na searmoin aig an Urr Murchadh MacAmhlaigh, a bha na mhinistear aig an à m sin air a' Bhac.
Chaidh Mgr Fearghasdan air ais dhan oilthigh grunn bhliadhnaichean às dèidh sin agus fhuair e teisteanas BA ann am Beurla agus Eachdraidh. Às dèidh sin, chaidh e gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann.
Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Chrosboist ann an 1984. Tha Mgr Fearghasdan air a mhinistrealachd air fad a chuir seachad ann an Leòdhas. Às dèidh sia bliadhna deug air na Lochan ghluais e an uair sin gu Nis, far an robh e na mhinistear air coitheanal Eaglais Shaor Chrois gus an do leig e dheth a dhreuchd.
Tha Mgr Fearghasdan air a bhith an sàs ann am iomadach comataidh thar nam bliadhnaichean, nam measg, na chathraiche air a' Chomataidh Stiùiridh aig Ionad-Cùraim Bethesda ann an Steòrnabhagh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 17 Dec 2023 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 17 Dec 2023 21:30ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal