
le Maureen NicLeòid
Sùil air colbhan-beachd nam pà ipearan-naidheachd bhon deireadh-sheachdain. Guests review some of the weekend's newspaper columns.
'S iad Iain X Macìomhair agus Iain MacDiarmid a tha a' toirt sùil air colbhan-beachd bho phà ipearan na deireadh-sheachdain.
Chuala sinn air na naidheachdan aig deireadh na seachdain a chaidh Anne Quarm à Uibhist a Tuath ag innse mu mar a thachair dhi fhèin 's an duine aice an cois Oifis a' Phuist agus sgainneal IT Horizon. Bha Bill Quarm, duine Anne, am measg nan ceudan mòra air an do thionndaidh Oifis a' Phuist, a' cur às an leth gun robh iad a' goid airgid. Bha Bill a' ruith Oifis a' Phuist ann am Paibeil. Dh'aontaich e aideachadh ri mèirle - rud nach robh fìor - direach gus nach deidheadh a chur dhan phrìosan. Chaochail Bill ann an 2012. B' ann an uiridh a chaidh cur às dhen dìteadh aige. An-diugh, cluinnidh sinn an còmhradh slà n a rinn Anne còmhla ris an neach-naidheachd, Shona NicDhòmhnaill.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 15 Jan 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 15 Jan 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal