Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh

Seirbheis còmhla ris an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh bhon Eaglais Bhaisteach. Rev Suzie Roberts conducts this week's Gaelic Religious Service.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
Mol Do Dhia le Buidheachas is Sòlas còmhla ri Joy Dunlop/Màirianna NicUalraig, Eòghann MacEunraig agus Fearghas Rothach.
Salm 61 air a sheinn le Sian.
Spiorad Naoimh Dhè air a' sheinn le Dòmhnall I MacIlle-Dhuinn agus taic ciùil bho Campbell MacIlle-Dhuinn agus Johnny Scoular.
Faisg air mo Dhia agus a' seinn tha Willie Caimbeul agus Isobel NicLeòid le taic ciùil bho Andrew Yearly agus Jane Hepburn.
'S e Dia mo bhuachaill' ann an dìth agus a' seinn tha a' bhuidheann Seinneamaid Còmhla ann an Stafainn.

Leughaidhean: 1 Peadar 1: 3-9
Eòin 14: 107 & 15-21 & 27

Thàinig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach sna 90an nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gàidhlig aig Àrd-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thàinig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.

Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh còrr air dà fhichead bliadhna, agus tha i ag ràdh 'gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh nam bheatha.' Bha i fhèin agus an duine aice a' fuireach ann an Lunnainn fhad 's a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.

Fhuair i cead-searmonachaidh ann an 2017 agus bha i fhèin is Mìcheal stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far an robh i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet. Tha i fhèin san duine aice Mìcheal cuide ri màthair Siùsaidh air gluasad a dh'Alba.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 14 Jan 2024 09:00
  • Sun 14 Jan 2024 15:00