Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taghadh na seachdain le Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Dh'fhaodadh gun tòisich obair mèinnearachd coimeirsealta anns na h-uisgeachean mu chuairt air Nirribhidh. Ma thèid a cheadachadh, 's e Nirribhidh a' chiad dùthaich san t-saoghal anns an tèid fheuchainn. Carson a tha 'd a' feuchainn air, dè tha 'd a' lorg agus ciamar a dh'obraicheas e? Fhuair sinn na beachdan aig Murchadh Moireach agus Iain MacAonghais

'S ann à Nis ann an Leòdhas a tha Calum Iain MacLeòid. Thòisich e ag obair na òige aig Comhairle nan Eilean Siar nuair a b' e Comhairle nan Eilean fhèin a bh' oirre, 's iad air ùr thòiseachadh mar chomhairle ionadail ann an 1975. Às a sin, chaidh e an sàs ann an diofar dhreuchdan a thug eòlas farsaing dha air na h-eileanan gu lèir. Tha e air a dhreuchd a' leigeil dheth an-diugh ach tha e na Chathraiche air Comunn na Gàidhlig agus trang le cur-seachadan mar ball-coise agus oghaichean! Diciadian bha e air cheilidh còmhal ri Cathy.

Bha Neen NicAoidh a' toirt sùil air ais air beatha Annie Nightingale, a chaochail an t-seachdain a chaidh. B' i a' chiad preasantair boireann a bha riamh aig Radio 1 - rud a thug buaidh mhòr air saoghal craolaidh bhon uair sin.

Tha prògram ri chluinntinn air Radio 3 an-dràsta, anns a bheil Rob MacAoidh, a tha na sgrìobhaiche-ciùil, a' siubhal air ais gu eilean beag àraich a sheanar - Eilean nan Ròn far costa Chataibh. Dh'fhalbh na daoine mu dheireadh bhon eilean ann an 1938. Tha 'm prògram ga chraoladh mar phàirt dhen t-sreath Between The Ears air Radio 3. Tha Caristìona Stone, a tha tàmh ann an Cataibh, air èisteachd ris, 's thug i cuideachd sùil air eachdraidh Eilean ann Ròn dhuinn.

57 minutes

Last on

Sun 21 Jan 2024 12:00

Broadcast

  • Sun 21 Jan 2024 12:00