Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Alasdair MacAmhlaigh

An t-Urr Alasdair MacAmhlaigh, Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich 's Manachainn Rois. Service with Rev Alasdair MacAulay, minister of Tain and Fearn Free Church.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 103: 1-2 air fonn Dundee agus 's e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 119: 63-64 air fonn Torwood agus 's e Calum Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach-liath ann an Inbhir Nis
Salm 107; 28-30 air fonn Montrose agus 's e an t-Urr Raghnall Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road.

Leughadh: Mata 8: 14-27
Ceann-teagaisg: Mata 8:26

Thàinig atharrachadh spioradail ann am beatha Alasdair nuair a bha e bliadhna thar fhichead. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd, chuir e dà bhliadhna seachad ann an gnìomhachas na h-ola agus sia bliadhna deug na fhear-naidheachd aig a' BhBC, ag obair ann an Inbhir Nis agus mu dheireadh ann an Steòrnabhagh.

Tha e pòsta aig Màiri, a bhuineas do sgìre Nis agus tha iad le chèile air an cumail trang leis an teaghlach, Cairistiona, Lùc, Emma, Kate agus na h-oghaichean aca Demi agus Theo. Bha Alasdair agus Màiri le chèile an sàs ann an obair am measg òigridh Nis airson grunn bhliadhnachan mus do ghluais an teaghlach a Dhùn Èideann fhad 's a bha Alasdair a' frithealadh Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Anns an Ògmhios 2012 fhuair e cead-searmonachaidh agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Bhaile Dhubhthaich agus Manachainn Rois san Lùnastal air a' bhliadhna sin.

30 minutes

Last on

Sun 21 Jul 2024 15:00

Broadcasts

  • Sun 28 Jan 2024 09:00
  • Sun 28 Jan 2024 15:00
  • Sun 21 Jul 2024 09:00
  • Sun 21 Jul 2024 15:00