Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Maureen NicLeòid

Sùil air an iomadh annas is feall-dhà a bhios aig fèill reic stuic! As lamb prices hit a market high, Maureen chats to crofters about highs and lows experienced at an auction mart!

Air an t-seachdain seo fhèin, tha prìsean feòil-chaorach a' ruighinn àirde nach fhacas bho chionn bhliadhnaichean. 'S iomadh rud a tha ri fhaicinn, ri chluinntinn 's a tha a' dol aig fèill reic nan caorach, 's an-diugh tha Maureen a' bruidhinn ri feadhainn aig a bheil eòlas gu leòr air a bhith gam frithealadh!

Tha prògraman ùra air tòiseachadh air Sianail 4 a tha a' tarraing mòran còmhraidh. Tha am prògram, The Jury: Murder Trial, a' togail ceist- an tigeadh dà dhiùraidh fa leth chun aon cho-dhùnadh? Tha an neach-naidheachd Iain X MacÌomhair air a bhith ga choimhead.

Tha gruag lìonmhor nan 80an air ais anns an fhasan! A bheil cuimhn' agaibh air The Sue Ellen, à Dallas? Agus dè seòrsa gruag a bh' oirbh fhèin tro na 70an 's na 80an?

Na smaoinich sibh riamh air cò às a thàinig a liuthad rud a tha mu chuairt oirbh san dachaigh? Tha Alasdair MacLeòid a' tòiseachadh air sreath ùr, anns am bi e, gach seachdain, a' toirt sùil air an eachdraidh annasach, iongantach a th' aig iomadh nì am broinn an taigh - bho chuibhrigean-cluasaig gu truinnsearan.

57 minutes

Last on

Thu 29 Feb 2024 22:25

Broadcasts

  • Thu 29 Feb 2024 09:00
  • Thu 29 Feb 2024 22:25