
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Chan eil faisg uimhir de dhaoine a' dol a-steach airson cùrsaichean altraim an Alba. Tha Colaiste Rìoghail an Nursaidh draghail mun a sin agus bha Cathy a' faighneachd do dhithis, a bha roimhe à rd san dreuchd, dè is coireach?
Bha Coinneach MacLeòid, a bhios a' cruinneachadh agus a' reic irisean is leabhraichean, air ais còmhla rinn le sùil air an iris Eilean an Fhraoich. Nochd a' chiad iris, fo stiùir Gasaet Steòrnabhaigh, ann an 1951. Bha Coinneach air ais le taghadh eile de chriomagan is aithrisean a tharraing aire.
'S e Aonghas MacAonghais à Uibhist a Tuath, cèiliche na seachdain. Tha Aonghas na stiùiriche air companaidh togail ann an Glaschu. A thuilleadh air obair là itheil, bidh e a' teagasg iomain, tha e na iar-cheann-suidhe air Comunn Ceilteach Ghlaschu, tha e na chathraiche air bòrd stiùiridh Sabhal Mòr Ostaig agus 's toigh leis a bhith a' ruith maratoin.
Chaidh leabhar ùr mu bhoireannaich nan Eilean Siar fhoillseachadh Dihaoine, air Là Eadar-nà iseanta nam Ban. Tha Women of the Hebrides/Ban-eileanaich Innse Gall: Stories of Strength and Courage air a chur ri chèile le Joni Bochanan à sgìre Uig ann a Leòdhas. Thar iomadh bliadhna, tha Joni air a bhith a' tional sgeulachdan agus cuimhneachain bhoireannach - eachdraidh shòisealta agus stòiridhean pearsanta, prìseil bho air feadh nan Eilean Siar. Bha i ann an còmhradh ri Cathy mu dheidhinn agus cluinnidh sinn guthan nam ban fhèin ann an criomagan bho na clà raidhean a rinn i còmhla riutha na rannsachadh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 10 Mar 2024 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal