
le Cathy NicDhòmhnaill
Tha luaidh ga dhèanamh air Ian Green a chruthaich a' chompanaidh clà raidh ainmeil, Greentrax. Musicians pay tribute to the late Ian Green of Greentrax Records.
Tha luaidh ga dhèanamh air Ian Green a chaochail ann an Dùn Èideann 's a chuir cho mòr ri ceòl traidiseanta an Alba. B' e a chruthaich a' chompanaidh clà raidh ainmeil, Greentrax. Dh'fhoillsich Greentrax na ceudan mòra chlà ran thairis air faisg air 40 bliadhna agus thug Ian Green taic do mhòran luchd-ciùil Gà idhlig. Cluinnidh sinn bho chuid dhiubh.
Tha Coinneach MacLeòid, a bhios a' cruinneachadh agus a' reic irisean is leabhraichean, air ais còmhla rinn le sùil air an iris Eilean an Fhraoich. Nochd a' chiad iris, fo stiùir Gasaet Steòrnabhaigh, ann an 1951. Tha Coinneach a' deà namh an taghadh mu dheireadh aige de chriomagan is aithrisean a tharraing aire.
'S e Iain Tormod MacLeòid, cèiliche na seachdain. 'S ann às A' Ghlais-pheighinn, baile beag ann a Stafainn, san Eilean Sgiathanach a tha Iain Tormod. Bha e na thidsear eachdraidh, na Leas-phrionnsabal agus na Stiùiriche Foghlam aig Sabhal Mòr Ostaig. Tha e dèidheil air ball-coise agus air a bhith a' falbh ann a campervan!
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 13 Mar 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 13 Mar 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal