Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

Rinn John Neil Dòmhnallach lèirmheas dhuinn air an dealbh-chluich, Hamilton a tha ri fhaicinn aig a' Festival Theatre ann an Dùn Èideann.

'I'm not a young guy' - sin a tha Ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte, Joe Biden, ag ràdh ann a sanas ùr, air thoiseach air taghadh na Samhna. Tha Mgr Biden 81 agus Dòmhnall Trump a bhios a' feuchainn na aghaidh, 77. A bheil aois na chnap-starra ann am poilitigs? A bheil leithid a rud ann ri bhith ro aosta air an son? Bha Cathy a' trusadh bheachdan.

B' e Iain Tormod MacLeòid, cèiliche na seachdain. 'S ann às A' Ghlais-pheighinn, baile beag ann a Stafainn, san Eilean Sgiathanach a tha Iain Tormod. Bha e na thidsear eachdraidh, na Leas-phrionnsabal agus na Stiùiriche Foghlam aig Sabhal Mòr Ostaig.

Bha luaidh ga dhèanamh air Ian Green a chaochail ann an Dùn Èideann 's a chuir cho mòr ri ceòl traidiseanta an Alba. B' e a chruthaich a' chompanaidh clàraidh ainmeil, Greentrax. Dh'fhoillsich Greentrax na ceudan mòra chlàran thairis air faisg air 40 bliadhna agus thug Ian Green taic do mhòran luchd-ciùil Gàidhlig. Chuala sinn bho chuid dhiubh- Cathy Anna Nic a' Phì, Maighread Stìubhart agus Màiri NicAonghais.

57 minutes

Last on

Sun 17 Mar 2024 12:00

Broadcast

  • Sun 17 Mar 2024 12:00