Main content
Sorry, this episode is not currently available

Le Emma NicLaomain agus Niall Iain Dòmhnallach

Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà. Le Emma NicLaomainn agus Niall Iain Dòmhnallach. News, chat, sport, music and entertainment. With Emma and Niall Iain.

Bha sgioba Feasgar san Eilean Sgitheanach bho chionn ghoirid agus gheibhear an-diugh cothrom eile èisteachd ri cuid de na chlàr iad.

Bha Niall Iain aig Tràigh a' Chorrain air tòir lorgan dìneasar. Bha e ann an cuideachd Dhùghaill Ros bho Thaigh-tasgaidh Dìneasar Stafainn a bha dha stiùireadh gus lorg fhaighinn air ceumanan-coise Megalosaurus a chaidh fhàgail bho chionn dà cheud millean bliadhna.

Cuideachd facal air Aaron Ingram a tha a' cluich ann an sgioba rugbaidh an Eilein Sgitheanaich, cluba ùr a chaidh a stèidheachadh bho chionn dà bhliadhna air ais.

1 hour, 27 minutes

Last on

Tue 9 Apr 2024 12:00

Broadcast

  • Tue 9 Apr 2024 12:00