Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.

A robh sibh a' coimhead Scoop air an deireadh sheachdain a chaidh Tha othail gu leòr air a bhith a' dol mun dràma ùr air Netflix a tha stèidhichte air an agallamh ainmeil a rinn Emily Maitilis leis a' Phrionnsa Anndra, bho chionn corr air ceithir bliadhna. Bha Seonag Monk ga choimhead 's i ann an còmhradh ri Cathy.

Tha 150 bliadhna air a' mhìos seo bho chaidh fear a Beàrnaraigh, Leòdhais, a chur an grèim ann an Steòrnabhagh an dèidh do chuid de mhuinntir nan eilean caismeachd à Beàrnaraigh a Steòrnabhagh, 's iad a' togail fianais an aghaidh mì-cheartas a rinn oighreachdan Mhorsgail agus Sgealasgro, nuair a thug iad air falbh talamh-ionaltraidh a bh' aig na croitearan. Chuala sinn an sgeulachd bho Ruairidh MacÌomhair a th' air a bhith a' rannsachadh na h-eachdraidh.

Rugadh cèiliche na seachdain s', Dòmhnall MacNèill, ann an Grianaig ged a tha a dhachaigh ann an Inbhir Nis an-diugh, far a bheil e ag obair na Àrd-Oifigear aig Comunn na Gàidhlig. Gheibh sinn beagan den chòmhradh a bh' eadar e fhèin is Cathy.

Agus bhathas a' comharrachadh gu robh leth-cheud bliadhna bho choisinn an còmhlan Abba farpais Eurovision leis an òran Waterloo. Mhìnich dithis a tha gu math dèidheil air Abba, Wilma NicUalraig agus Pàdraig MacCuidhein, dè a tha cho tarraingeach mun cheòl aig Abba a tha ag adhbharachadh gu bheil iad cho soirbheachail chun an là an-diugh?

57 minutes

Last on

Sun 14 Apr 2024 12:00

Broadcast

  • Sun 14 Apr 2024 12:00