
Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Tha mòran ùghdarrasan ionadail air atharrachadh mòr a thoirt air na là ithean a bhios seòrsachan sgudail eadar-dhealaichte ga thogail, a' fà gail dhaoine ann am bùrach. Chosg Comhairle Dhùn Dè £11,000 air app a chumas daoine ceart ach chaneil mòran dhaoine ga chleachdadh. Tha Cathy air a bhith a' cluinntinn mar a tha cuid agaibh a' faireachdainn mu na h-atharraichean anns na sgìrean agaibh fhèin?
Tha pasgan ùr ga chruthachadh air-loidhne, anns na h-Eileanan an Iar, de bhucais an oir a' rathaid, a tha a' reic ghnothaichean leithid cèicichean, silidh, uighean is eile. Dè na riaghailtean a th' ann a thaobh a bhith a' reic an oir a' rathaid? Chuala sinn bho fheadhainn a tha ris agus bho chuid a leig seachad e sgà th 's na bha de stuth ga ghoid.
Buinidh cèiliche na seachdain sa Michael Bauer dhan Ghearmailt, ged a tha e an-diugh a' fuireach ann an Alba far a bheil e ag obair là n-uine na eadar-theangaiche.
Chuala sinn bho Mhà rtainn Mac an t-Saoir mun leabhar ùr aige, A' Ruith Eadar Dà Dhrà gon, cruinneachadh de chòrr is leth-cheud pìos bà rdachd a sgrìobh e sa Ghà idhlig fhads a bha e a' siubhal eadar Catalonia 's A' Chuimrigh bho 2019 gu 2020, le eadar-theangachadh Beurla, Cuimris agus Catalanach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 21 Apr 2024 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal