
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh air cuspairean là itheil le Cathy NicDhòmhnaill. Cathy MacDonald with a mix of topical stories and talking points.
Bha là ann, 's nam b' e 's gu robh sian ceà rr air einnsean a' chà r, gu feuchadh tu fhèin neo cuideigin meadhanach eòlach, air a chur ceart. Ach a bheil na là ithean sin seachad a-nise 's gu bheil cà raichean an crochadh cho mòr air coimpiutair? Tha sinn a' cluinntinn bho fheadhainn ris an robh e a' còrdadh a bhith a' rumastaireachd ann an einnsean!
Tha mìos a' Chèitein ga chomharrachadh mar Mìos Nà iseanta na Coiseachd. Gach seachdain tron mhìos, tha sinn a' dol a chluinntinn bho fheadhainn ann an diofar sgìrean, mu na cuairtean as fheà rr leotha fhèin 's a' faighneachd dè tha 'd a' faighinn à s. Tha sinn a' tòiseachadh an-diugh le Caristìona Stone ann am fìor cheann a tuath na h-Alba.
Nochd nobhail ùr bho chionn ghoirid, a tha stèidhichte air eilean beag far costa na h-Alba, sa bhliadhna 1843. Tha Clear le Carys Davies a' togail air na tha a' tachairt nuair a tha lorg ga fhaighinn air srainnsear, letheach marbh air a' chladach air eilean anns nach eil ach aon duine, Ivar, a' tà mh leis fhèin. Tha Carys Davies air cliù a chosnadh roimhe airson a cuid sgrìobhaidh, a tha glè thric stèidhichte air à iteachan iomallach. Tha Anna NicLeòid air Clear a leughadh; dè a shaoil i dheth agus air an seòrsa blas agus dreach a tha i a' tarraing air Alba aig an à m?
Tha deich bliadhna ga chomharrachadh bho chaidh ìomhaigean ainmeil, na Kelpies, a thogail ann an sgìre na h-Eaglaise Brice. B' e an ealanaiche Andy Scott a dhealbhaich na beathaichean ainmeil seo 's tha an ealanaiche Ruairidh Moireach a' toirt sùil air obair Andy Scott.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 2 May 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 2 May 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal