
Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
A' comharrachadh Là Nà iseanta Sèist na Maidne, chaidh Angela NicFhionghuin a-mach dhan Ghearraidh Chruaidh còmhla ri Oifigear Coimhearsnachd Comann Rìoghail Dìon nan Eun, Shona NicIllFhiolain.
Tha na ceudan mhìltean luchd-turais a' tadhal air eileanan na h-Alba gach bliadhna. Air an t-samhradh seo, tha fiù companaidh seòlaidh a' tabhann turais gus na h-eileanan fhaicinn bhon a' mhuir, gun cas a chur air tìr. Ach Dimà irt 's ann a bha sinn a' faighneachd dè na h-eileanan fàs air am bu toigh leibhse tadhal agus carson?
B' i Peigi Mà iri NicNeacail, cèiliche na seachdain. Rugadh 's thogadh Peigi Mà iri air a' Bhac ann a Leòdhas. Bha i bliadhnaichean mòra na neach-teagaisg ach ag obair cuideachd aig Comann Rìoghail Dìon nan Eun. Tha nà dar agus an à rainneachd cudromach dhi chun là an-diugh 's an cois sin, tha ùidh mhòr aice sa cheangal eadar saidheans is creideamh. Tha Peigi Mà iri a-nise air a dreuchd a leigeil dhith, 's e a' còrdadh rithe a bhith a' gà irnealachd, a' coiseachd a-muigh agus a' leughadh.
Tha an iris ainmeil, Reader's Digest, a' dol à bith às dèidh faisg air naochad bliadhna. Bha sinn a' toirt sùil air eachdraidh na h-iris agus a' bruidhinn ri feadhainn a bha gu math dèidheil air.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 12 May 2024 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal