Main content
Sorry, this episode is not currently available

Donnchadh MacMhathain

Donnchadh MacMhathain a' taghadh cuid den bhàrdachd a b' fheàrr leis. The late Duncan Matheson chooses some of his favourite Gaelic poetry.

Rugadh agus thogadh Donnchadh 'Stalker' MacMhathain ann an Càmus Luinge an Cinn t-Sàile. B' e duine a bh' ann a bha air leth sgileil le a làmhan agus bha e na chlachair agus na fhear-tughaidh sònraichte. A thuilleadh air a sin b' e seinneadair math a bh' ann agus bha stòras mòr fiosrachaidh aige air ainmean àitichean, seanchasan agus eachdraidh na sgìre. Bhàsaich Donnchadh ann an 2010.

San taghadh aige, dh'aithris e Horo Gum b' Èibhinn Leam, Dèan Cadalan Sàmhach agus Tha Mi Sgìth den Fhògar Seo le Iain MacMhurchaidh MacRath aig a robh tuathanas Achagaragain an Gleann Eilcheig, Turas Aonghais chun na Gealaich agus Òran Magaidh 'icMhaoilein leis an Tàillear Crùbach MacCuthach, agus Cha b' e Dìreadh a' Bhruthaich le Fearchar Mac 'an Òig.

15 minutes

Last on

Mon 27 May 2024 17:15

Broadcast

  • Mon 27 May 2024 17:15