
Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Thog sgeulachd iongantach balach òg às an Eadailt, Carlo Acutis, a chaochail ann an 2006, aig aois coig bliadhna deug, aire dhaoine an t-seachdain s' 's e gu bhith air a chur ri à ireamh nan naomh san Eaglais Chaitligeach. Ach carson? Dh'innis am fear-naidheachd, Ruairidh Alasdair MacIllinnein do Chathy mu dheidhinn.
Tha obair chruthachail nan oileanach a th' air cùrsaichean ealain UHI a Tuath agus Innse Gall am-bliadhna an-drà sta air a thaisbeanadh aig Taigh Chearsabhagh an Uibhist a Tuath. Thug Angela NicFhionghuin sùil timcheall air.
B' i Seonag NicAsgaill, cèiliche na seachdain. 'S ann do Phort nan Long san Eilean Sgitheanach a bhuineas Seonag ach le freumhan Hearach agus i an-diugh a' tà mh ann an Siorrachd Pheairt. Na beatha obrach, bha i a' ruith air taighean-staile air feadh na dùthcha, mar neach-sgrùdaidh. Tha i dèidheil air a bhith a' sreap nam beann agus air mòran de Na Rothaich a dhìreadh.
'S bha Aonghas Pà draig Caimbeul a' rùileach tro thasglann nam pà ipear-naidheachd, a' sireadh sgeulachdan inntinneach agus annasach a nochd annta air an t-seachdain seo ann an eachdraidh. Anns a' chunntas mu dheireadh aige an-drà sta, thug e sùil air aithrisean a bh' anns a' Phà ipear Bheag bho chionn leth-cheud bliadhna agus criomagan bhon phà ipear Sgitheanach, The Clarion of Skye, a bha a' dol eadar 1951 agus 1957.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 2 Jun 2024 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal