
Còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
An-diugh, cuimhneachain òige is obrach air Campa an Iar Bheinn nam Fadhla còmhla ri Seonag Nic a' Ghobhainn agus Iain MacRuairidh, is campa an airm a-nise ga leagail.
Abair gu robh moit is toileachas san Òban oidhche na Sà baid a chaidh, nuair a ghlèidh fear de bhalaich a' bhaile prìomh dhuais goilf ann an Canada. B' esan Raibeart Mac an t-Saoir 's fhuair sinn a-mach beagan mu dheidhinn.
B' e cèiliche na seachdain, Andar Gunneberg. Rugadh e air taobh siar na Gearmailt agus b' e bu shine ann an teaghlach de shianar. Bha athair na mhinistear Lutheran 's nuair a bha Andar aona bliadhn' deug, ghluais iad a Ghlaschu, far an robh athair air a ghairm gu eaglais Gearmailteach sa bhaile. 'S ann an sin a chuala Andar a' Ghà idhlig an toiseach 's fhuair an cà nan grèim air. Tha e an-diugh na dhotair ospadail anns a' Chuimrigh, far a robh Cathy a' còmhradh ris an-diugh, 's i ann am baile Chardiff.
Chùm a' chompanaidh ainmeil Dior cuirm mhòr aig Caisteal Dhrumainn ann am baile Chraoibh Diluain. Tha 70 bliadhna bho chùm iad a leithid an Alba roimhe 's bha daoin' ainmeil bho air feadh an t-saoghail an là thair, eadar cleasaichean, modailean, ealanaichean fasain is eile. Aig ceann a' phairèid, bha Brìghde Chaimbeul leis a' phìob bhig. Dh'innis i do Chathy mun tachartas agus mu cò ris a bha e coltach, cuireadh fhaighinn airson a leithid a dhèanamh. Chuala sinn cuideachd bho Chalum Iain MacLeòid a bha an là thair às leth Clò Mòr Innse Gall.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcast
- Sun 9 Jun 2024 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal