Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar, agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat with Cathy MacDonald.

Air latha an taghaidh, tha Shona NicEanraig a' toirt dhuinn sealladh air càite is cuin a bhios sgioba nan naidheachdan ag aithris agus a' cnuasachadh air toraidhean a' bhòt.

Ciamar a bhios tu ag ionnsachadh coin-chaorach? Ceist a bhios air gu leòr againn nuair a tha na farpaisean a' tòiseachadh mun àm sa bhliadhna agus tha Cathy a' bruidhinn ri ceathrar a tha gu math eòlach air an dearbh chuspair. 'S iadsan Seumas Caimbeul, Iain MacDhòmhnaill, Iain MacAonghais, agus Kathleen NicThòmais.

Tha gèam eagalach, Still Wakes The Deep, air aire nan Gàidheal a ghlacadh leis gu bheil òran agus eadar-theangachadh Gàidhlig na chois. Ach ciamar a tha a' Ghàidhlig agus na Gàidheil air an riochdachadh ann an gnìomhachas a tha a' fàs bho bhliadhna gu bliadhna agus a bheil ìomhaigh cothromach air a dhèanamh dhuinn?

Agus tha Mairianna NicChoinnich bho sgioba Naoi gu Deich air a bhith a-muigh am measg rothairean a tha a' siubhal eadar Rubha Robhanais agus Barraigh.

57 minutes

Last on

Thu 4 Jul 2024 21:00

Broadcasts

  • Thu 4 Jul 2024 09:00
  • Thu 4 Jul 2024 21:00