
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Diluain chuala sinn Cathy air chuairt aig taigh-tasgaidh ùr Pheairt. Na cois, bha Anna Steven, Seonag Miller, Fionnlagh MacSuain, Calum Steele agus Iain Moireasdan a tha uile a' fuireach faisg air là imh. Chaidh £27 millean not a chosg air an t-seann talla bhaile atharrachadh gu bhith na thaigh-tasgaidh ‘s tha còrr air 80,000 neach air tadhal ann bho chaidh fhosgladh sa Mhà irt. Aig teis meadhan chùisean, tha Clach Sgà in a tha ri fhaicinn ann an seòmar beag air taobh a-staigh na talla. Ach, mar a chuala sinn, tha barrachd air a sin ri fhaicinn.
Dè mar a tha tidsearean a' faireachdainn aig deireadh bliadhna sgoile nuair a bhios a' chlann a' gluasad gu clasaichean eile neo a' fà gail na sgoile? Bha Aileen Elder aig ceumnachadh sgoil-à raich a bhalaich aice fhein agus bha Cathy a' bruidhinn ri luchd-teagasg.
B' i Suzanne NicDhòmhnaill, oifigear leasachaidh Cultarlann Inbhir Nis, cèiliche na seachdain Ciamar a tha an obair aice a' dol, is i air ùr-thilleadh bho thuras gu cultarlannan Èirinn a Tuath?
Ciamar a bhios tu ag ionnsachadh coin-chaorach? Ceist a bhios air gu leòr againn nuair a tha na farpaisean a' tòiseachadh mun à m sa bhliadhna agus bha Cathy a' bruidhinn ri ceathrar a tha gu math eòlach air an dearbh chuspair. B' iadsan Seumas Caimbeul, Iain MacDhòmhnaill, Iain MacAonghais, agus Kathleen NicThòmais.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 7 Jul 2024 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal