
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Cha bheag na tha air an telebhisean an-drà sta à Wimbledon. Ach cò na sà r-chluicheadairean anns na 70an is na h-80an a dh'atharraich an gèam, is a thug buaidh air mar a tha teanas ga chluich sa latha an-diugh? Bha Cathy Fhriseal agus Iseabail NicAonghais a' bruidhinn ri Cathy Bhà n air a' chuspair.
Ged nach eil an t-sìde air a bhith buileach fà bharach thuige seo, tha daoine air feadh na dùthcha air a bhith a' dèanamh an dìcheall sna liosan agus sna gà rraidhean aca. Ach dè na flùraichean is na sìtheanan as fheà rr le daoine, agus as fheà rr a tha a' fàs am-bliadhna? Sin a' cheist a bha Cathy a' cur air grunnan a tha dèidheil air obair nan lios.
Aig à m nuair a tha na colaistean air dùnadh is na h-oileanaich a' gabhail ùine bho na clasaichean aca as t-samhradh, b' i an Dr Marsaili NicLeòid, Iar-Phrionnsapal agus Stiùiriche an Fhoghlaim aig Sabhal Mòr Ostaig, cèiliche na seachdain.
Diardaoin, a' comharrachadh ceud bliadhna Diardaoin bho bhuannaich Eric Liddle rèis 400m aig farpaisean Oilimpigeach Paris, bha aire ga tharraing ri mar a dhiùlt e rèiseadh air an t-Sà baid ann am farpais 100m, sgeulachd a chaidh a chur air beulaibh a mhòr-shluaigh san fhiolm Chariots of Fire. Bha uair ann nuair a bha a' glèidheadh an t-Sà baid air leth cudromach ann an coitheanalan air feadh na rìoghachd, ach ciamar a tha sin air atharrachadh? Bha Cathy a' faighinn facal air triùir Chrìosdaidhean lem beachdan fhèin air a' chuspair: an t-Urr Dòmhnall Mìcheil MacAonghais, Oighrig NicFhearghais agus Catrìona Mhoireach.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 14 Jul 2024 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal