Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.

'S iomadh iomagain a tha ri chluinntinn mu shaoghal AI, agus modhan-ionnsachaidh innealan a' sìor dhol am meud sna beagan bhliadhnaichean mu dheireadh. Ach dè an diofar a tha seo air dèanamh ann an saoghal saidheans? Tha an t-Oll Alasdair MacCoinnich ag innse dha Cathy mu na h-atharrachaidhean a tha e fhèin a' faicinn ri linn.

Cò bh' anns a' Naomh Bhairre? Tha ìomhaigh a' naoimh ainmeil ann am Barraigh, ach tha iomairt a-nise a' dol gus fear ùr a dhèanamh. Innsidh Mìcheil MacFhionghuin beagan dhuinn mu bheul-aithris agus eachdraidh an naoimh inntinnich sa.

Tha ball-pàrlamaid ùr aig na h-Eileanan an Iar airson a' chiad uair ann am faisg air fichead bliadhna, esan Torcuil Crichton, às a' Rubha ann an Leòdhas. Tha Cathy a' faighinn cothrom còmhraidh leis is e air ùr-thòiseachadh aig Westminster.

57 minutes

Last on

Tue 16 Jul 2024 22:25

Broadcasts

  • Tue 16 Jul 2024 09:00
  • Tue 16 Jul 2024 22:25