Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.

Tha seann sheansailear na Gearmailt, Angela Merkel, air aois 70 a ruighinn. Ach le mòran anns a' Ghearmailt a-nise a' coimhead air a h-àm-riaghlaidh le beachdan gu math nas amharasaiche ri linn in-imreachas, cogadh na h-Ucràin, agus staid eaconamach na dùthcha, dè dìreach an dìleab a dh' fhàg am boireannach air am biodh meadhanan na Gearmailt uaireigin ag èigheachd 'mutti', neo màthair?

Cluinnidh sinn bho Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein mu Sheumas Timpson, fear-gnothachais aig a bheil àite a-nise sa riaghaltas ùr ann an ùrachadh laghan prìosain.

Cuin a bu chòir dhut a' fòn agad fhàgail balbh gun bìog a' tighinn às na do phòcaid? 'S iomadh turas a chuala sinn fòn a' dol dheth nuair nach bu chòir, ach dè tha modhail is dè tha mì-mhodhail? Tha Domhnall MacGilleMhoire, Coinneach Combe, agus Ruairidh Greumach a' beachdachadh air a' chùis bho shealladh luchd-cuirm, luchd-cèilidh, agus luchd-èisteachd.

Agus cò e an Naomh Barr? Le iomairt gus ìomhaigh shnaidhte an naoimh ùrachadh ann am Barraigh - eilean a th' air ainmeachadh às a dhèidh - tha Mìcheal MacFhionghain a' bruidhinn ri Cathy mu eachdraidh is beul-aithris an naoimh inntinnich sa.

57 minutes

Last on

Thu 18 Jul 2024 21:00

Broadcasts

  • Thu 18 Jul 2024 09:00
  • Thu 18 Jul 2024 21:00