
Còmhla ris an Urramach Seumas MacÌomhair
Seirbheis à tasglann a' BhBC bho Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear ann an 1990 còmhla ris an Urr Seumas MacÌomhair. Gaelic archive service from 1990 with Rev James MacIver.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 33: 18-19 air fonn London New agus ‘s e Iain MacLeòid a tha os cionn na seinn.
Salm 36: 7-9 air fonn Coleshill agus ‘s e Iain Mòireach a tha os cionn na seinn. Chaidh an t-seinn a chlà radh ann an Eaglais Shaor Chille Bhrighde an Ear.
Leughadh: Mata 5: 1-16
Ceann-teagaisg: Mata 5: 1
'S ann do sgìre Thunga ann an Leòdhas a bhuineas an t-Urr MacÌomhair agus bha e na mhinistear air Coitheanal Eaglais Steòrnabhaigh mu dheireadh gus an do leig e dheth a dhreuchd air a mhìos a chaidh seachad. Bha e roimhe sin ann an Eaglais Shaor a' Chnuic, An Rubha agus ann an Eaglais Shaor Chille Bhrìghde an Ear ann an Glaschu. Bha e na mhodarà tair air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann ann an 2011.
Chaidh an t-Urr MacÌomhair na òige a Bhun-sgoil Thunga agus às a sin, chaidh e gu Sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Lunnainn agus Colaiste na h-Eaglaise Saoire.
Tha e pòsta aig Donna agus tha triùir a theaghlach aca agus sianar oghaichean agus aon iar-ogha. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, bidh e ag èisteachd ri ceòl clasaigeach, a' cluich goilf, anns a' gharradh agus a' leughadh.
Last on
Broadcast
- Sun 7 Jul 2024 21:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal