
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.
Thug ùrachadh de bhathar-bog Crowdstrike droch bhuaidh dha-rìribh air teicneòlas air feadh an t-saoghail. Tha an obair cà raidh a' leantainn a-nise - ach dè ghabhas ionnsachadh bhon trioblaid sa? Dè na beà rnan tèarainteachd agus bun-structar a th' ann an saoghal an teicneòlais? Tha Calum Iain Bartlett, a tha ag obair ann an roinn AI, agus Dòmhnall MacRisnidh, bho ghnìomhachas bathar-bog agus innleadaireachd dealain, le chèile a' freagairt cheistean Cathy air a' chuspair.
Cluinnidh sinn cuideachd mu chruinneachadh bà rdachd ùr Mhà rtainn Mhic an t-Saoir, a bhios air a thaisbeanadh aig Fèis Belladrum an t-seachdain sa.
Le Ford ag innse gu bheil iad gu bhith a' togail Capri às ùr ach mar chà r dealain, tha triùir - Ailean Dòmhnallach, Aonghas Dòmhnallach, agus Murchadh Dòmhnallach - a' cuimhneachadh air gach Capri a bh' aca fhèin.
Agus tha Patsi NicChoinnich ag aithris às a' Fhraing air mar a tha Paris agus na Frangaich a' strì le na h-ullachaidhean airson Geamannan Oilimpigeach Paris, a thòisicheas aig an deireadh sheachdain.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 23 Jul 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 23 Jul 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal