
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Cà ite am bu mhiann leibh a dhol airson cuirm-chnuic 's dè a bheireadh sibh leibh? Chuala Cathy bho thriùir mun à ite gan deidheadh iad fhèin, carson agus dè bhiodh sa bhasgaid aca.
Agus seo an t-à m dhen bhliadhna nuair a bhios a' mhòr-chuid a' dèanamh air dùthchannan-cèin airson seachdain no dhà 's iad a' strì le dè an t-aodach 's eile a bheir iad leotha, ach an dèan iad a' chùis le baga no a bheil feum air ceas, no fiù dhà . Fhuair sinn a-mach bho thriùir an dùbhlan a th' ann am pacadh dhaibhsan.
Tha cèiliche na seachdain air a bhith a' fuireach ann an Èirinn fad còig bliadhna fichead 's i air a bhith ag obair na h-oifigear coimhearsneachd ann an Gà idhealtachd na h-Eireann. Buinidh Mairin NicFhionghain do dh'Eadar Dhà Fhadhail ann an Sgìr' Ùig ann an Leòdhas, le ceanglaichean teaghlaich do dh'Urgha agus Eilean Sceotasaigh sna Hearadh.
Agus bha Mairianna NicChoinnich a' bruidhinn ri Calum Aonghas MacAoidh mun taisbeanadh ealain ùr aige, UNNAD, a tha ri fhaicinn anns a' Lanntair ann an Steòrnabhagh.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 4 Aug 2024 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal