
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Tha Andy Moireach air a dhreuchd a' leigeil dheth 's bha Cathy a' còmhradh ri triùir eile a rinn an aon rud! Cò ris a tha e coltach nuair a bhios tu a' leigeil seachad do dhreuchd?
'S iomadh spòrs agus lùth-chleasaiche a tha ri fhaicinn ann am Paris airson nan Geamannan Oilimpigeach. Ach fada air falbh 's ged a tha Paris bhon Ghà idhealtachd, dh'innse Ceitidh Chaimbeul dha Cathy mu lùth-chleasaiche a bhuineadh do dh'Inbhir Nis a choisinn buinn òir aig na Geamannan Oilimpigeach ann an Stockholm is Lunnainn o chionn còrr air 100 bliadhna. Agus, tha e cà irdeach do Cheitidh! Cò dìreach a bh' ann an Seòras Cornet?
'S i Anna Paterson, a bhuineas do Gharrabost a Rubha ann an Leòdhas ach a th' air a bhith ann an Dùn Èideann fad iomadach bliadhna, cèiliche na seachdain dh'innse i dha Cathy mu a beatha, agus mu a h-obair aig Capital Gaelic, compà irteachas airson Gà idhlig fhighe a-steach do bheatha ann an Dùn Èideann.
Chaidh òran leis a' chòmhlan The JSD Band a bha 50 bliadhna a dh'aois ath-chruthachadh le taic AI. Ach cò an còmhlan-ciùil a thilleadh sibhse? 'S iomadh fear sin! Bha triùir còmhla ri Cathy a' cnuasachadh air am freagairtean fhèin: Coinneach Stiùbhart, Tormod MacLeòid agus Rona Wilkie.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 11 Aug 2024 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal