Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat. With Cathy MacDonald.

Aig Na Geamannan Oilimpigeach, thuirt an lùth-chleasaiche, Simone Biles, gu robh luchd-amharc a' toirt buaidh mhòr air cùisean. Dè seòrsa buaidh a tha luchd-amharc a' toirt air farpais neo cuirm sam bith, ged a b' e spòrs, ceòl neo eile?

Tha an còigeamh cuid de dhaoine a tha a' ceannach taigh, a' dèanamh co-dhùnadh mu dheidhinn an taobh a-staigh fichead mionaid an dèidh fhaicinn a rèir rannsachaidh a rinn an companaidh Zoopla. Ach a bheil sin fìor? Tha Cathy ann an còmhradh ri triùir mu na nithean as motha a choinnich riutha fhèin, nuair a bha 'd a' feuchainn ri taigh a cheannach neo na tha a' tachairt riutha 's iad a' lorg dachaigh an-dràsta fhèin.

Tha an t-eòlaiche-lusan Mark Newman a' toirt dhuinn beachd air cò ris a bha àrainneachd is lusan na Gàidhealtachd coltach bho chionn 3000 bliadhna, às dèidh do dh'arc-eòlaichean lorg fhaighinn air lusan bhon linn sin anns an Eilean Dubh.

Agus air seachdain chudromach ann an saoghal pìobaireachd, tha sinn a faighinn an tuilleadh sgeulachdan inntinneach is èibhinn bho Rhona Lightfoot.

57 minutes

Last on

Tue 13 Aug 2024 22:25

Broadcasts

  • Tue 13 Aug 2024 09:00
  • Tue 13 Aug 2024 22:25