Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat with Cathy MacDonald.

Tha sreath ùr dhen phrògram telebhisein Who Do You Think You Are? a' tòiseachadh an t-seachdain sa; prògram far a bheil daoine a' rannsachadh an cuid sinnsearachd is an teaghlaichean fhèin. Dè an tarraing a th' anns a' leithid ge-tà, agus dè na sgeulachdan a thogas ceann nuair a nì thu rannsachadh? Tha Robyn Low, Calum Iain Bartlett, agus Calum MacNèill ag innse mu na dh' ionnsaich iad fhèin mun daoine fhèin, agus sgeulachdan eile mun cuala iad.

An t-seachdain sa, lorg luchd-saidheans dearbhadh air bùrn gu domhainn ann an creagan Mars; rud a th' air deasbad a thogail mu cho coltach is a bhiodh e gum biodh rudeigin beò air planaidean eile. Air a' latha seo fhèin ann an 1977, thog Oilthigh Stàit Ohio craoladh rèidio bho na speuran air an tug iad a' 'Wow Signal', oir gu robh e cho coltach ri rudeigin a thigeadh bho shìobhaltas eile sna speuran. Ach a bheil càil beò a-muigh sna reultan? Tha na h-eòlaichean Naomi Mitchison, Iain MacIllEathain, agus Dòmhnall Iain Dòmhnallach a' dèanamh deagh thomhais air freagairt na ceist.

Agus tha Tomaidh Dòmhnallach a' toirt Angela NicFhionghuin air chuairt mu thimcheall na h-eaglaise anns an Tobha Mòr, far a bheil e na èildear, gus an tuilleadh a chluinntinn mu eachdraidh an togalaich fhèin agus a' sgìre timcheall air.

57 minutes

Last on

Thu 15 Aug 2024 22:25

Broadcasts

  • Thu 15 Aug 2024 09:00
  • Thu 15 Aug 2024 22:25