
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald.
Bha an t-Oll Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a' mìneachadh rannsachadh agus còmhraidhean air Leabhar nan Ceist, a th' air a thighinn am bà rr bho cho-labhairt sa Ghearmailt as t-samhradh.
Bha Sgalpaigh uaireigin air ghoil mar phort-iasgaich, 's tha taisbeanadh mun eachdraidh sin an-drà sta ri fhaicinn air an eilean. Chaidh Angela NicFhionghuin ga fhaicinn ann an cuideachd seachdnar de mhuinntir Sgalpaigh a bha ag iasgach iad fhèin.
Chaidh geà rr-liostaichean Duaisean Litreachais na Gà idhlig agus Duais Bà rdachd Bhaile na h-Ùige fhoillseachadh thairis air an t-seachdain a dh'fhalbh. Tha farsaingeachd de sgrìobhadh agus de chuspairean an lùib nan duaisean gu lèir; ach a bheil gu leòr luchd-sgrìobhaidh bho gach coimhearsnachd de luchd-labhairt na Gà idhlig a' tighinn am follais? Bha Cathy a' bruidhinn ri Aonghas Moireasdan bhon chompanaidh foillseachaidh Acair, agus Alison Laing bho Chomhairle nan Leabhraichean, mu na tha iadsan a' faicinn nan dreuchdan fhèin.
Cha bheag na tha sinn air fhaicinn de cheò agus de dh'uisge air an t-samhradh. Bha uair ann nuair a bha conachagan gan sèideadh air tìr faisg air cladaichean cunnartach agus taighean-solais nuair a bhiodh ceò gu math tiugh ann. Bha Mairianna NicChoinnich a' bruidhinn ri daoine mu na cuimhneachain a th' aca fhèin air na conachagan air tìr.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 25 Aug 2024 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal