Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Emma NicLaomainn

Naidheachdan, còmhradh, spòrs, ceòl agus fealla-dhà le Emma NicLaomainn. News, chat, sport, music and entertainment with Emma Lamont.

Tha Emma a' faighinn a-mach ciamar a tha luchd-leantainn Oasis a' faireachdainn mun naidheachd gu bheil an còmhlan air ais agus cothrom ann am faicinn beò a-rithist an-ath-bhliadhna. Tha Kayleigh Kieran, Evelyn Coull NicLeòid agus Iain Stephen Moireasdan ag innse mu na cuimhneachain a th' aca air a' chòmhlan bho na naochadan agus na h-òrain as fheàrr leotha.

Tha ùidh mhòr air èirigh ann am bùird-seasaimh no 'stand up paddleboards' bho chionn ghoirid ach tha draghan air èirigh mu dheidhinn sàbhailteachd san uisge is daoine air a bhith ann an cunnart sa mhuir leotha. Gheibh Emma na beachdan aig Ross Christie agus Eilidh Chandler air a seo is an dithis aca gu tric a' dol a-mach air na bùird-seasaimh aca.

1 hour, 27 minutes

Last on

Thu 29 Aug 2024 21:00

Broadcasts

  • Thu 29 Aug 2024 12:00
  • Thu 29 Aug 2024 21:00