Main content
                
    Litir do Luchd-ionnsachaidh 1311
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1311. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
            Sun 1 Sep 2024
            13:55
        
        ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gàidheal
    More episodes
![]()
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 1007
Clip
- 
                                            
            Litir do Luchd-ionnsachaidh 1311
Duration: 05:00
 
Litir 1311: Caisteal Loch nan Doirb (1)
                Bu mhath leam an Litir a thòiseachadh an t-seachdain seo le ceist. Dè an caisteal ann an Alba anns an robh rìgh Sasannach uaireigin a’ fuireach, ach anns nach robh rìgh Albannach riamh a’ fuireach? Fàgaidh mi tiotan agaibh airson beachdachadh air sin. Ach bheir mi am fios seo dhuibh. Cha ruig thu an caisteal air do chasan a-mhàin. Agus tha e air a’ Ghàidhealtachd. Seo agaibh a’ cheist a-rithist: Dè an caisteal ann an Alba anns an robh Rìgh Sasannach uaireigin a’ fuireach, ach anns nach robh Rìgh Albannach riamh a’ fuireach?
’S e am fuasgladh Caisteal Loch nan Doirb no, ann am Beurla, Lochindorb. Tha e shuas sa mhonadh eadar Inbhir Narann agus Baile nan Granndach, ann an seann Siorrachd Narann. Tha an caisteal air eilean anns an loch. ’S e sin as coireach nach ruig duine an caisteal air a chasan a-mhà in. Airson a ruigsinn, tha dà dhòigh ann – le bhith a’ dol ann am bà ta no le bhith a’ snà mh a-null ’s a-nall. Agus o chionn ghoirid, chaidh mi ann ann an geòla bheag rubair.
Tha e furasta gu leòr faighinn ann, co-dhiù ma tha an aimsir math gu leòr. Tha an t-eilean dìreach trì cheud meatair on chladach far a bheil rathad airson charbadan. Agus tha an caisteal follaiseach gu leòr. Tha ballachan cloiche à rda air, agus tha e gu math mòr, a’ còmhdachadh aon phuing a dhà (1.2) acaire – cha mhòr an t-eilean air fad.
Tha e còrr is seachd ceud bliadhna a dh’aois. Chaidh a thogail anns an dà rna leth dhen treas linn deug. Agus carson a thuirt mi gun robh rìgh Sasannach uaireigin a’ fuireach ann? Uill, tha e clà raichte gun do chuir Eideard I ùine seachad ann sa bhliadhna trì cheud deug ’s a trì (1303). Bidh tuilleadh agam air eachdraidh an à ite nas fhaide air adhart.
Ach bhuail ceist eile orm. An e eilean nà darrach a th’ ann no an deach a thogail mar chrannag? Chan eil na h-eòlaichean aontaichte air sin. Rinn à rc-eòlaichean suirbhidh ann o chionn beagan is trithead bliadhna. Cho-dhùin iad gur e eilean nà darrach a th’ ann, ach gun deach clachan a bharrachd a chur ris. Cha d’ fhuair iad fianais de chrannag sam bith anns an loch. Bha sin a’ dol an aghaidh beachd muinntir an à ite oir bha iadsan air dèilean mòra daraich a lorg ann. Bha crannagan air an togail de dh’fhiodh an toiseach mus robh an structar air a lìonadh le clachan.
Co-dhiù tha an t-eilean nà darrach no nach eil, bha e follaiseach do na Cuimeanaich – a bha cumhachdach ann an ceann a tuath na h-Alba – gum biodh e math dhaibh mar à ite tèarainte. Thog iad caisteal ann, math dh’fhaodte eadar na bliadhnaichean dà cheud deug is seasgad (1260) agus dà cheud deug is ochdad (1280). Thog iad caistealan eile ann am Bà ideanach is Loch Abar mun aon à m.Â
An-diugh, tha Loch nan Doirb rudeigin fad-à s. ’S e à ite sà mhach a th’ ann, gu h-à rd sa mhonadh. Ach, aig aon à m, bha an t-à ite fìor chudromach. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
                Faclan na Litreach: Loch nan Doirb: Lochindorb; Siorrachd Narann: Nairnshire; geòla bheag rubair: a small rubber dinghy; ballachan cloiche àrda: high stone walls; clàraichte: recorded; Eideard: Edward; àrc-eòlaichean: archaeologists; na Cuimeanaich: the Comyns (Cummings); rudeigin fad-às: somewhat remote.
            
        Abairtean na Litreach
                Abairtean na Litreach: anns an robh rìgh Sasannach uaireigin a’ fuireach: in which an English king was living at one time; anns nach robh rìgh Albannach riamh a’ fuireach: in which a Scottish king was never living; cha ruig thu an caisteal air do chasan a-mhàin: you won’t reach the castle entirely on foot; shuas sa mhonadh eadar Inbhir Narann agus Baile nan Granndach: up in the hill country between Nairn and Grantown-on-Spey; bidh tuilleadh agam air eachdraidh an àite nas fhaide air adhart: I’ll have more on the history of the place at a later point; an e eilean nàdarrach a th’ ann no an deach a thogail mar chrannag?: is it a natural island or was it constructed as a crannog?; an aghaidh beachd muinntir an àite: against the opinion of the local people; bha iadsan air dèilean mòra daraich a lorg ann: they had found large oaken planks; mus robh an structar air a lìonadh le clachan: before the structure was filled with stones; thog iad caistealan eile ann am Bàideanach is Loch Abar mun aon àm: they built other castles in Badenoch and Lochaber;’s e àite sàmhach a th’ ann: it’s a quiet place.
            
        Puing-chà nain na Litreach
                Puing-chànain na Litreach: Fàgaidh mi tiotan agaibh airson beachdachadh air sin: I’ll leave you a moment to think about that. How might we say ‘moment’ in Gaelic? Several nouns might suffice – mòmaid, mionaid, and even priobadh. For ‘I’ll be with you in a moment’ we might say, bidh mi còmhla riut ann an dà dhiog, bidh mi còmhla riut ann an cnag or bidh mi còmhla riut an-ceartair. For ‘hang on a moment’ we might say fuirich ort mionaid bheag. And remember tiotan (also tiota or tiotag). Bidh mi ann ann an tiotan ‘I’ll be there in a moment’.
            
        Gnà thas-cainnt na Litreach
                Gnàthas-cainnt na Litreach: le bhith a’ snàmh a-null ’s a-nall: by swimming over and back.
            
        Broadcast
- Sun 1 Sep 2024 13:55ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
 
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
- 
                                        
            Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.