
le Cathy NicDhòmhnaill
Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle chat with Cathy MacDonald.
Tha an te-naidheachd Anna NicLeòid a' toirt sùil air eachdraidh-beatha Prìomhaire ùr na Frainge, Michel Barnier.
Tha sgeama a tha a' toirt saorsa do phrìosanaich nas trà ithe na bha an dùil, a' tòiseachadh ann a Sasainn 's anns a' Chuimrigh an t-seachdain-sa. Ach tha iomagain air mòran nach bi an taic neo na goireasean ceart ri fhaighinn dhaibh. Tha Cathy a' bruidhinn ri dithis a bhiodh a' toirt taic do dh'fheadhainn a bha a' tighinn a-mach às a' phrìosan.
Choisinn Sue Lawrence à Dùn Dè farpais Masterchef ann an 1991. Bhon uair sin, tha i air iomadh leabhar còcaireachd is bèiceareachd a sgrìobhadh. Tha an leabhar ùr aice, New Scottish Baking, direach air nochdadh 's tha an còcaire, Dolag Monaghan air a bhith a' toirt sùil tron leabhar agus air feuchainn rud neo dhà à s.
Tha drà ma ùr ri fhaicinn air Netflix an-drà sta, a tha a' tarraing mòran aire sna meadhanan. Tha The Perfect Couple stèidhichte ann a Nantucket,
Massachusetts, far a bheil cuideigin air a mhurt ann an coimhearsnachd de theaghlaichean cofhurtail, math dheth. 'S e nòs gu math bitheanta a th' anns an seòrsa sgeulachd a tha seo, ged a b' ann air telebhisean neo ann a leabhraichean. Dè tha cho tarraingeach mu dheidhinn 's carson? Tha an sgrìobhaiche, Catriona Lexy Chaimbeul air a bhith ga choimhead.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 10 Sep 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 10 Sep 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal