
le Cathy NicDhòmhnaill
Sùil air clà raidhean èibhinn de Chailleach an Deacoin, a-nis air am foillseachadh às ùr. Comedy recordings of Cailleach an Deacoin from the 60s, recently republished.
Tha Breatainn agus Ameireaga air a bhith a' deasbad o chionn ghoirid mun t-slighe air adhart sa Ucrà in - agus air a' cheist mu na dh' fhaodas a' Ucrà in a dhèanamh le urchairean is armachd a bheir sinn dhaibh. Am measg nan armachdan sin, tha rocaidean Storm Shadow - ach carson a bhiodh iad sin cho èifeachdach, agus carson a tha a' cheist air uidhir a chonnspaid adhbhrachadh?
Bidh Dòmhnall Saunders nar cuideachd le eisimpleirean de chlà raidhean bho Chailleach an Deacoin - caractar comadaidh a chruthaich is a chluich Murchadh MacMhathain à Grabhair an à rd-ùrlaran Eilean Leòdhais sna 60an is na 70an. Tha cuid a chlà raidhean air an ùr-fhoillseachadh a-nise - ach cò bh' ann am Murchadh, agus ciamar a chruthaich e a' Chailleach?
Cluinnidh Cathy cuideachd mu inbhe is duais sònraichte a thathas air buileachadh air Pà irc Loidse Wilton ann an Hamhaig sna Crìochan - le Iain Tormod MacCoinnich, a tha eòlach air is a' fuireachd faisg air là imh. Ach dè a tha a' dèanamh aon phà irc nas fheà rr na pà irc eile co-dhiù? Sin a' cheist a chuireas sinn cuideachd air triùir eile: Eòghan Stiùbhart, Kirsteen Mhoireach, agus Moira Piazzoli.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 17 Sep 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 17 Sep 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal