
le Cathy NicDhòmhnaill
Saidealan Starlink, sgrìobhaidhean Jackie Kay, agus mar a chleachdas tu còrran sa chidsin. Starlink satellites, Jackie Kay's writing, and how to make best use of kitchen leftovers.
Chaidh rabhadh gu bheil na saidealan Starlink - lìonradh de chòrr air 7000 saideal a tha a' craoladh an eadar-lìon air feadh an t-saoghail - a' toirt buaidh air na chì daoine de na speuran le prosbaig. Ach dè th' ann an Starlink; ciamar a tha e ag obair; agus carson a tha e na thrioblaid do luchd-amharc nan reultan? Tha Iain MacIlleathain e fhèin gu math dèidheil air a bhith a' coimhead tron phrosbaig, is tha e ag innse dha Cathy mun chùis.
Cluinnidh sinn mun bhà rd Jackie Kay, agus na gnothaichean aice a tha a-nise rim faighinn ann an Leabharlann Nà iseanta na h-Alba, bho Phà draig MacAoidh. Ach carson a tha tasglann a leabharlann cudromach co-dhiù? Bruidhnidh Cathy cuideachd ri Alison Laing, Aonghas Phà draig Caimbeul, agus Fiona NicChoinnich mu na tha iadsan air dèanamh leis.
Agus le prògram ùr air a' BhBC a' moladh dhuinn uile an tuilleadh feum a dhèanamh de chòrran a bhidhe sa chidsin - ciamar a nì sinn sin? Tha na còcairean Ùisdean MacLeòid agus Seonag Nic a' Ghobhainn a' beachdachadh air na bhios iad fhèin a' dèanamh, agus prògram ùr Nadiya Hussein - Cook Once, Use Twice.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 19 Sep 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 19 Sep 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal