
còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill. Highlights from this week's Naoi gu Deich with Cathy MacDonald
Leis a' gheà rr-liosta airson togalach Albannach na bliadhna air ainmeachadh, dh'iarr Cathy air an ailtire Mà rtainn Mac a' Bhà illidh agus am fear-togail Iain MacÌomhair sùil a thoirt air na farpaisich eadar-dhealaichte air feadh na dùthcha. Saoil dè shaoil iad dhiubh? Is cò aca a bhuannaicheadh nam biodh iadsan nam britheamhan?
Thug a' bhana-bhà rd Anna Frater sùil air an leabhar bà rdachd ùr aig Aonghas Mac a' Mhaoilein - The Ways of Salt - dhuinn.
Choisinn Shelagh Chaimbeul duais airson ficsean aig Duaisean Litreachais na Gà idhlig air a' mhìos seo, agus 's i cèiliche na seachdain. Eadar a h-obair aig Roinn nan Inbhean Malairt, a teaghlach aig a bheil dlùth cheangail ri sgrìobhadh, agus mar a thà inig i fhèin gu sgrìobhadh sa chiad à ite, 's iomadh cuspair air an do rinn i fhèin is Cathy cagnadh.
Le 900 bliadhna bho chaidh Cathair Eaglais Naomh Giles ann an Dun Èideann a thogail, chaidh Cathy a thadhal air an togalach eachdraidheil sa an teis-mheadhain cathair-bhaile na h-Alba. Cuide rithe bha dithis a tha gu math eòlach air adhradh is eachdraidh an togalaich; an t-Urr. Aonghas Mac a' Ghobhainn, agus an Dr Urr. Aonghas Moireasdan.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 29 Sep 2024 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal