
le Cathy NicDhòmhnaill
Dè a' leabhar a mhiannaicheadh sibh fhaicinn ann an riochd fiolm? What book would you like to see on the big screen?
An-diugh thathas a' comharrachadh Là Aonachd na Gearmailt. Ach 35 bliadhna bho chaidh ath-aonachadh a dhèanamh eadar an Iar agus an Ear, tha mì-thoileachas san dùthaich nach deach carragh-chuimhne fhathast a chrìochnachadh, mar a chluinneas sinn bho Mìcheil Klevenhaus.
Bheir am fear-naidheachd, Aonghas Dòmhnallach, dhuinn sgeulachd-beatha Mhìcheil Ancram nach maireann, a bha aig aon à m na Iar-Cheannard den Phà rtaidh Tòraidheach,
Tha an fhiolm The Thursday Murder Club, stèidhte air an leabhar leis an aon ainm a sgrìobh Richard Osman, a' nochdadh air Netflix an ath bhliadhna. Ach dè na leabhraichean a bu mhiann leibh p' fhèin faicinn ann an riochd fiolm? Gheibh sinn beachd bho thriùir a tha gu math dèidheil air an cuid leabhraichean.
Agus le slige fiodh soithich mu cheithir cheud bliadhna a dh' aois ga lorg agus ga dhìon ann an Arcaibh, tha eòlaichean a' cumail a-mach gur mathaid gur ann Duidseach a bha i. Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn air a bhith a' bruidhinn ris an Dr Aonghas MacCoinnich bho Oilthigh Ghlaschu mu cho trang is a bha uisgeachan Arcaibh agus iar-thuath na h-Alba anns na 1600an; agus ri Mairead Morgan mu cò ris a tha eilean Sanday ann an Arcaibh coltach, far an d' thà inig na pìosan fiodha air tìr.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 3 Oct 2024 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 3 Oct 2024 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal