
a' cèilidh air Griogair MacCarmaig
Coinneach Mac a' Ghobhainn le prògram sònraichte cuide ri Griogair MacCarmaig san Apainn. Coinneach Smith interviews Griogair MacCormack in Appin about his life and memories.
Tha Coinneach Mac a' Ghobhainn air turas dhan Apainn, far a bheil e a' cèilidh air Griogair MacCarmaig, fear dhen fheadhainn mu dheireadh sa sgìre aig a bheil a' Ghà idhlig. Ged 's ann à Lios Mòr a tha e bho thùs, tha e air a bhith ag obair air a' chroit aige anns an Apainn a-nise airson còrr air 60 bliadhna, is e air leth comasach le innealan a chumail is a chà radh.
Eadar sgeulachdan an teaghlaich mu bhrà thair athair, a chaidh a mhuirt le tùsanaich ann an Afraga; innealan à iteachais agus tractaran còrr air 100 bliadhna a dh' aois; agus mar a tha a' Ghà idhlig air tilleadh dhan teaghlach aige le bhan-ogha Ciorstaidh ag ionnsachadh na Gà idhlig, tha cèilidh air leth inntinneach aig Coinneach còmhla ri Griogair ann an Gà idhlig mhath na sgìre.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Fri 3 Jan 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sat 4 Jan 2025 00:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal