
Còmhla ris an Urr Dòmhnall M MacAonghais
Còmhla ris an Urr Dòmhnall Micheal MacAonghais, Eaglais Ghairbraid, Glaschu. Gaelic service conducted by Rev Donald M MacInnes, Gairbraid Church of Scotland, Glasgow.
Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na sailm, laoidhean agus na leughaidhean a leanas anns an t-seirbheis:
Salm 103: 12-13 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall Dòmhnallach (Dollan) a tha os cionn na seinn le taic bho na seinneadairean a bha sàs ann am pròiseact Luchd-seinn nan Òran.
Anna Nic na Cèardaich a' seinn "Air Geugan Seilich"
Donaidh Murdo MacLeòid a' seinn |"Cia domhain grà dh an athair dhuinn"
Salm 107: 23-30 air fonn Martyrdom agus a' seinn tha na seinneadairean a bha sàs ann am pròiseact Luchd-seinn nan Òran.
Leughaidhean:
Isaiah 43: 1-7
Lucas 3: 5-22
Ceann-teagaisg:
Gnìomharan nan Abstol 8: 14-17
Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile Ghobhainn ann an Glaschu ach b' ann ann am baile Bhrà dhagair air taobh siar Leòdhais a thogadh e. Bha e ag obair ann an Roinn an Ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson seachd bliadhna agus às dèidh sin fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-steach airson na ministrealachd ann an 1995. Tha e na mhinistear air Eaglais Ghairbraid ann an sgìre Maryhill an an Glaschu. Bha e roimhe na bhall de Chomataidh Ciùil Eaglais na h-Alba agus cuideachd na rùnaire air Comataidh Ghà idhlig na h-Eaglaise.
Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn Na Buddies, sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan - buntà ta, cà l agus currain - mar a thuirt e fhèin "dìreach mar Fiollagan".
Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus 's caomh leis a bhith a' tilleadh ann airson saor-là ithean.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich na pìob agus a' coimhead Laurel and Hardy.
Last on
Broadcasts
- Sun 12 Jan 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 12 Jan 2025 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal