Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan. Conversation, discussion, culture and lifestyle.

Tha an Dotair Sìne Dickson a' toirt beachd air a phrògram telebhisein, Panorama: Weight Loss Jabs and the NHS, a chaidh a-mach a-raoir.

Tha an t-eòlaiche ionmhais Coinneach MacMhathain a' toirt sùil air a' bhriathrachas a tha a' cuairteachadh nan iasadan-riaghaltais eadar-nàiseanta - agus mar a tha cosgaisean air sìor èirigh do Bhreatainn an-dràsta. Ach le briathrachas cho toinnte, dè dìreach a tha facail leithid "bond" agus "gilt" a' ciallachadh?

Tha an Eaglais Chaitligeach a' comharrachadh bliadhna Iiùbailidh - bliadhna beannaichte a tha ga chomharrachadh gach 25 bliadhna. Tha'n cleachdadh seo a dol air ais grunn linntean le "dorsan beannaichte" anns An Ròimh, nach eil fosgailte ach tro na bliadhnaichean beannaichte sin. Tha am fear-naidheachd, Ruairidh Alasdair MacIllFhinnein, ga mhìneachadh dhuinn.

Agus cuine ghabh sibh glainne searaidh bho dheireadh? Tha iarrtas air ùr air togail a thoirt do ghniomhacas searaidh na Spàinn. Dè th' air a chùl?

57 minutes

Last on

Tue 14 Jan 2025 22:25

Broadcasts

  • Tue 14 Jan 2025 09:00
  • Tue 14 Jan 2025 22:25