Còmhla ri Mgr Ros Crìochton
Seirbheis còmhla ri Mgr Ros Crìochton, sagart air Paraiste Ceann a Deas Uibhist 's Èirisgeigh. Gaelic service with Fr Ross Crichton, parish priest South End of Uist and Eriskay.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus an leughadh a leanas:
O Ìosa, Bi 'n Còmhnaidh, air a sheinn le coitheanal Paraiste Eaglais Naomh Pheadair ann an Dalabrog
Cearcall na Beatha, a sgrìobh Mgr Ros fhèin, air a sheinn le Ainsley Hamill
An t-Ubhal as Àirde le Còisir Loch a Tuath
Do Là mh, a Chrìosta, air a sheinn le Còisir Eaglais a' Chlachain an Uibhist a Tuath
Leughadh: Eclesiastes 3: 1-11
Rugadh Mgr. Ros Crìochton ann an Glaschu, agus tha ceanglaichean teaghlaich là idir aige ri Earra-Ghà idheal, Loch Abar agus Inbhir Nis air taobh a mhà thar. Rinn e ceum ann an Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu mus deach e don Ròimh far an do chuir e seachad 5 bliadhna a’ dèanamh ceuman ann am Feallsanachd agus Diadhachd aig Oilthigh Gregoriana. Chaidh e an uair sin don Fhraing gus ceum a dhèanamh ann an Lagh Cananach. Chaidh òrdachadh na shagart san Òban ann an 2005 agus thill e don Fhraing far an robh e na shagart cuideachaidh fad bliadhna anns a’ pharaiste St. Francois de Sales ann am Paris, fhad ’s a bha e a’ cur crìoch air a cheum ann an lagh.
A’ tilleadh a dh’Alba ann an 2006, bha e greis ann am Paraiste Naomh Mhoire anns a’ Ghearastan mus do ghluais e do Bheinn na Fadhla aig deireadh na bliadhna sin. An dèidh 10 bliadhna na shagart paraiste ann an Grìminis, chaidh ainmeachadh na shagart paraiste do Pharaiste Naomh Mhìcheil an Èirisgeigh ann an 2016 agus Paraiste Naomh Pheadair, Uibhist a Deas, ann an 2017.
Aig an aon à m, chaidh iarraidh air obair a dhèanamh gus leabhar-ùrnaigh agus laoidheadair ùr a chur an clò agus eadar-theangachadh ùr a chruthachadh airson teacsaichean sà cramaideach na h-Eaglaise: obair a tha a’ leantainn fhathast ach aig ìre gu math adhartach.
Tha e cuideachd na iar-cheann-suidhe air am Fondation Catholique Ecossaise a tha a’ rianachadh bhursaraidhean do dh’oileanaich Albannach a tha ag ionnsachadh Fraingis neo Diadhachd ann am Paris. Tha obair am Fondation a’ dol air ais 700 bliadhna don 14mh linn; ceangal eachdraidheil eadar an dà dhùthaich a tha beò fhathast agus na thlachd do Mhgr. Ros a bhith an sàs ann on a bha e fhèin na neach-tairbhe fon sgeama seo.
Last on
Broadcasts
- Sun 26 Jan 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Jan 2025 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sunday 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sunday 15:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal