Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill

Còmhradh, deasbad, cultar agus cur-seachadan le Cathy NicDhòmhnaill. Conversation, discussion, culture and lifestyle with Cathy MacDonald.

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, John Swinney, gu math diombach gu bheil Buidheann Banca Lloyds an dùil 14 meur de Bhanca na h-Alba a dhùnadh eadar seo agus an Cèitean 2026. Seo an dèidh dhaibh 45 banca a dhùnadh an-uiridh. Tha Mgr Swinney a' cur às leth Lloyds gu bheil iad "a' fàiligeadh" choimhearsnachdan na h-Alba le bhith a' dùnadh bhancaichean. Gheibh sinn beachd bho thriùir air a' bhuaidh a tha e a' toirt air coimhearsnachdan nuair a tha banca a' dùnadh.

Chaidh taighean-sòisealta ùr a thogail ann an Eireann bho chionn ghoirid, taighean a chaidh a chrùthachadh le clò-bhualadair 3D. Innsidh an t-ailtire, Màrtainn Mac a' Bhàilidh,cho èifeachdach 's a tha an dòigh togail a tha seo agus a mair iad?

Tha sinn a' tòiseachadh sreath ùr, Gaisgeach ann an Eachdraidh, far a bheil sinn ag iarraidh air neach taghadh cò a tha iadsan a' smaoineachadh a tha airidh an tiotal Gaisgeach ann an Eachdraidh. An-diugh gheibh sinn taghadh aig Niall Bartlett - Patrick Leigh Fermor agus Donnchadh MacCoinnich.

57 minutes

Last on

Tue 4 Feb 2025 22:25

Broadcasts

  • Tue 4 Feb 2025 09:00
  • Tue 4 Feb 2025 22:25