
le Maureen NicLeòid
'S e Ruairidh MacIlleBhrath à Uachdar ann am Beinn na Fadhla cèiliche na seachdain. Maureen MacLeod speaks to Ruairidh MacGillivray about his life, and starting his own business.
Cha bheag na chluinneas sinn mu cheallan agus mu shlà inte anns a' latha an-diugh; ach dè dìreach a th' ann am bun-cheallan, neo "stem cells"? Sin a' cheist a th' aig Maureen NicLeòid don Ollamh Alasdair MacChoinnich, a tha ag aithris beagan mun an fheum agus an goireas a th' unnta - agus mar a tha rannsachadh air bun-cheallan a' phobaill na chuideachadh do dh' euslaintich.
Cluinnidh sinn mu eachdraidh a' cholair a bhios air ministeirean agus sagairtean bhon an Urramach Dòmhnall Mìcheil MacAonghais.
Agus 's e Ruairidh MacIlleBhrath cèiliche na seachdain. Buinidh Ruairidh do dh' Uachdar ann am Beinn na Fadhla, agus tha e ag innse beagan mu bheatha agus mu shaoghal-obrach do Mhaureen. Eadar a bhith a' tòiseachadh a ghnìomhachais fhèin, a bhith ag obair ann an taighean air feadh nan eilean, agus a bhith ri obair air a' bhlà r a-muigh cuideachd mar ghille air oighreachd - 's iomadh sgeulachd is seanchas a th' aige dhuinn.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Wed 12 Feb 2025 09:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 12 Feb 2025 22:25ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal