Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ris an Urr Iain MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic religious service conducted by the Rev John MacLeod, Free Church Continuing.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 143: 11-12 air fonn St David agus 's e an t-Urr Coinneach Stiùbhart a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor an Òib.
Salm 145: 13-14 air fonn Stroudwater agus 's e Seumas MacÃŒomhair a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Crow Road ann an Glaschu.
Salm 119: 63-64 air fonn Torwood agus 's e Calum Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais nam Manach Liath ann an Inbhir Nis.

Leughadh: Marcas 2: 1-12
Ceann-teagaisg: Marcas 2: 5

Rugadh agus thogadh an t-Urramach Iain MacLeòid ann an sgìre Shiaboist ann an Leòdhas. Bha e a' teagasg ann an Obar Dheathain airson fichead bliadhna. Às dèidh sin chaidh e a Cholaiste na h-Eaglais Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1980, agus chaidh a ghairm gu coitheanal Dhuthail-Doruis (Duthel Dores) far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006. Thill e a dh'fhuireach ann an Siabost far a bheil e a' cur seachad ùine a' leughadh, a' gàirnealaireachd agus a' searmonachadh ann an coitheanalan a tha bàn.

30 minutes

Last on

Sun 16 Feb 2025 15:00

Broadcasts

  • Sun 16 Feb 2025 09:00
  • Sun 16 Feb 2025 15:00