
le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.
A bheil ga rìreabh an coimeas aig Ceann-Suidhe na Stà itean Aonaichte, Dòmhnall Trump, air cogadh na h-Ugrà in a thoirt gu ceann? Dimà irt 's a chaidh, bha triùir ann an deasbad mun a sin.
Gach seachdain an drà sta, tha aoighean a' taghadh daoine à eachdraidh, a tha'd a' measadh a tha airidh air urram - ged a b' e daoine ainmeil neo nas fhaisge air an taigh ' s air an eachdraidh fhèin. Air an t-seachdain'sa, b' i Agnes Rothach a rinn an taghadh sin.
B'e Dòmhnall MacAoidh a bha tadhal air Cathy mar chèiliche na seachdain. Bha e ag innse dhith mu bheatha agus mun turas aige o chionn ghoirid do na h-Innseachan, far an robh e a' fosgladh ionad ùr aig ospadal faisg air Mumbai.
Bha dà fhichead bliadhna ga chomharrachadh air an t-seachdain'sa bho nochd am prògram Eastenders air t.bh. an toiseach . Bha saoghal na meadhanan gu math eadar-dhealaichte ann a 1985, an taca ris an là an-diugh. Dè dh' fhà g Eastenders cho soirbheachail? Diardaoin, bha Cathy a' bruidhinn ri dithis a tha ag obair anns na meadhanan 's aig an robh deagh chuimhne air a bhith a' coimhead a chiad iris de Eastenders - Iain MacÌomhair agus Patsi NicChoinnich.
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 23 Feb 2025 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal