Main content
Sorry, this episode is not currently available

le Cathy NicDhòmhnaill

Dè na riaghailtean a th' ann do shoithichean faisg air a' chèile nuair a tha iad aig muir? What are the rules for vessels in close proximity at sea?

Le tubaist eadar dà shoitheach sa Chuan a' Tuath, dè na riaghailtean a th' ann do shoithichean faisg air a' chèile nuair a tha iad aig muir? Sin a' cheist a th' aig Cathy NicDhòmhnaill don Chaiptein Alasdair Mac a' Ghobhainn, is e a' mìneachadh mar a tha còir aig soithichean dèiligeadh ri chèile nuair a bhios an cuid chùrsaichean an lùib a chèile.

Cluinnidh sinn mu thaisbeanadh ùr a' Lanntair ann an Steòrnabhagh, a tha a' comharrachadh 40 bliadhna, bho Ruairidh Moireach is Alex NicDhòmhnaill.

Agus 's iad Murdina NicDiarmaid - tè-iomairt do chiorramaich às na Hearadh - agus Johanna-Ruth Dobschiner - a mhair beò tro sgrios-cinnidh nan Iùdhach san Dàrna Cogadh - an dithis bhana-ghaisgeach ann an eachdraidh a thagh Mòrag Rothach. Cò bh' unnta, agus carson a tha na sgeulachdan aca cho tarraingeach do Mhòrag?

57 minutes

Last on

Tue 11 Mar 2025 22:25

Broadcasts

  • Tue 11 Mar 2025 09:00
  • Tue 11 Mar 2025 22:25