
le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.
An-dè bha sinn a' comharrachadh Latha Eadar-Nà iseanta nam Ban. Air Naoi gu Deich bha Angela NicFhionghuin gar stiùireadh tro chòmhradh a chaidh a chlà radh aig Ceòlas na bliadhn' ùiridh, mu bhoireannaich là idir sa choimhearsnachd, agus cuimhneachain gu leòr orra.
Cha bheag na tha de dh'obair pà ipeir ann am beatha dhaoine sa latha an-diugh. Ach dè mura h-eil smachd againn air? Bha an t-eòlaiche-ionmhais Dòmhnall Mà rtainn, agus an tè-lagha Isabel NicLeòid cuide ri Cathy le comhairle dhuinn uile gus smachd nas fheà rr fhaighinn air cùisean air thoiseach air bliadhn' ùir.
Agus b' e Calum Rothach - comhairliche don Eilean Sgitheanach, a tha air a rà dh gu bheil e an dùil a dhreuchd mar chomhairliche a leigeil seachad - cèiliche na seachdain.
Agus mu dheireadh b' e Dòmhnall MacChoinnich a thagh na gaisgich aigesan ann an eachdraidh dha Cathy an t-seachdain sa. Chuala sinn na tha ri mholadh mun dithis a thagh e - Alasdair MacChoinnich, a lorg Abhainn MhicChoinnich ann an Canada; agus Murchadh MacPhà rlain, bà rd Mhealaboist?
Last on
More episodes
Previous
Broadcast
- Sun 9 Mar 2025 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal