Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mo Mhac-Meanmna Otasamach - My Autistic Imagination

Episode 1 of 10

Tha neach-ealain òtasamach a coinneachadh cuid eile coltach rithe fhèin. Autistic artist M Evan MacGregor meets others like themself.

Tha an sgrìobhadair, seinneadair agus neach-ealain, M. Eòghainn MacGriogar, a’ gabhail turas gus coinneachadh ri luchd-ealain òtasamach coltach rithe fhèin. Ann an còmhradh le iomadh seòrsa neach-ealain, leithid luchd-ciùil, peantairean, dealbhaichean agus dannsairean, cluinnidh i mar a tha ealain is cruthaileachd air saoibhreachadh an cuid beatha fhad ’s a tha mi-thuigs’ is dìth ruigsinneachd a’ gabhail buaidh.

Bheir a turas i gu Ùlapul far an coinnich i ri neach-iomairt òg òtasamach, Nuala NicDhòmhnaill, a tha cruthachail ann an iomadh dòigh. Ann an Glaschu, gheibh i an cothrom cèilidh air Project Ability – ionad sònraichte far am faod daoine pàirt a ghabhail ann an ealain ge bith dè na feumlachdan aca, agus, ann an Dùn Èideann, coinnichidh i ri dithis charaid a tha cleachdadh dannsa Bhuto agus cruth-fuaim gus ar tarraing a-steach gu saoghal annasach is iongantach nam balgain-buachrach.

A bharrachd air sin, gheibh sinn an cothrom eòlas fhaighinn air Eòghainn fhèin mar neach-ealain tàlantach ’s i a’ dèanamh a dìcheall gus cead fuireach làn-ùine san dùthaich fhaighinn. Tron obair cruthachail aice, tha i air cead fuirich fhaighinn airson còig bliadhna ach, leis a’ chead sin a’ tighinn gu crìch, tha i fo uallach an t-àit’ aic’ ann an Alba a stèidheachadh mas bi aice ri a dachaigh fhàgail gu bràth.

Writer, singer and artist M Evan MacGregor goes on a journey to meet other autistic artists like themself. In conversation with musicians, painters, illustrators and dancers, they discuss how art and creativity enriches their lives while misinformation and a lack of accessibility take their toll.

A trip to Ullapool leads to a meeting with young autistic activist Nuala MacDonald, whose creativity knows no bounds. In Glasgow, they visit Project Ability - an inclusive space that offers artists the opportunity to participate in a community no matter what their needs, while in Edinburgh, they meet two friends who use butoh dance and soundscape to draw us into the weird and wonderful world of mushrooms.

Additionally, we get to know Evan as a talented artist striving to attain indefinite leave to remain in the country. Through their creative work, they have been able to stay for five years, but with that permission coming to an end, they are under pressure to solidify a place in Scotland before they lose their home forever.

In Gaelic with English subtitles

58 minutes

Last on

Tue 11 Mar 2025 22:00

More episodes

Previous

You are at the first episode

Next

Coming soon

See all episodes from Trusadh

Broadcasts