
le Cathy NicDhòmhnaill
Taghadh bho Naoi gu Deich na seachdain seo. Highlights from this week's Naoi gu Deich.
Tha Mairianna NicChoinnich a' gabhail cuairt chun taisbeanadh ùr, Fear Mointeach Àranais, a tha ri fhaicinn aig Comunn Eachdraidh Cheann a' Loch ann a Leòdhas. Tha sinn a' cluinntinn bhon fhear a bh' air an tairsgeir nuair a chaidh an corp a lorg 's a pholl monach agus bhon teaghlach leis an robh am poll.
B' e an Dotair Ailean Turner, cèiliche na seachdain. Abair gu bheil beatha inntinneach air a bhith aig Ailean thuige seo - bho là ithean òige ann am Beà rnaraigh na Hearadh gu obair mar lannsair. Bha Cathy ann an còmhradh ris Diciadain.
Tron t-seachdain, thill dithis speuradairean as an iarmailt a-muigh an dèidh bhith glaiste shuas ann, son naoi mìosan. Dè na rudan as motha air am biodh ionndrainn agaibh'se nam biodh sibh 's an t-aon suidheachadh?
Tha Smuain na Maidne, a bhios ri chluinntinn gach là air ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal, a-nise ri fhaotainn mar phodcast. Tha sinn a' cluinntinn bho riochdaire Smuain na Maidne, Angela NicFhionghuin, mun a sin agus bho dithis dhen fheadhainn a bhios a' toirt Smuain thugainn tron bhliadhna.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcast
- Sun 23 Mar 2025 12:00ÃÛÑ¿´«Ã½ Radio nan Gà idheal